Caisteal Mey
Tha Caisteal & Gàraidhean Mey a'cur Fàilte air Luchd-Tadhail A' Mhòid Nàiseanta Rìoghail
Bidh an Caisteal is na Gàraidhean a' fuireach fosgailte fad na h-ùine bho 30amh An t-Sultain am-bliadhna fhad's a bhios Am Mòd an Gallaibh. Bheir seo cothrom do luchd-tadhail A' Mhòid tighinn a thadhal air a'Chaisteal.
Bidh an Caisteal agus na Gàraidhean fosgailte aig na h-amannan àbhaisteach bho 1 An Cèitean gu 17 An Dàmhair gu h-iomlan ach dùinte bho 29 An t-Iuchar gu 9 An Lùnastal gu h-iomlan agus a-rithist dùinte air na laithean: 6, 7, 8 An Dàmhair 2010.
Tha an caisteal fosgailte a h-uile latha bho 10.20am gus an dùin e aig 4.00pm.
Tha an t-ionad-tadhail, an t-àite-bidhe, a' bhùth agus ionad nam beathaichean fosgailte gach latha bho 10.00am gu 5.00pm.
Cosgais faotainn a-steach:
Prìsean 2010 Inbhich Seann daoine Buidheann Pàiste Teaghlach
Caisteal, Gàradh & mu thimcheall £9.50 £8.50 £8.50 £4.00 £23.00
An Gàradh & mu thimcheall a-mhàin £4.00 £4.00 £4.00 £4.00 £12.00
Notaichean:
· Pàrcadh an-asgaidh
· Gheibh clann fo aois coig bliadhna an-asgaidh air feadh gach àite
· Cha chosg e dad faotainn a-steach don Ionad-Tadhail
· Tha tiogaid chloinne airson clann bho choig gu sia bliadhna deug a dh'aois
· Tha tiogaid teaghlaich airson dithis inbheach le clann.
· Bheir tiogaid airson nan gàraidhean agus mun timcheall a-mhàin cothrom a dhol dhan ionad bheathaichean cuideachd.
· Ma tha sibh am beachd tadhal oirnn iomadach uair fad an t-samhraidh, bu chòir dhuibh smaoineachadh air a bhith nar Caraid do Chaisteal Mey. Aon de na buannachdan a gheibh sibh: faotainn a-steach don chaisteal, an gàradh agus mu thimcheall is ionad nam beathaichean, uair sam bith aig na h-amannan fosgailte àbhaisteach. Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh air an làrach-lìn againn: Friends and Patrons